Gàidhlig aig Oilthigh Obar Dheathain

Gàidhlig aig Oilthigh Obar Dheathain

Thathas air a bhith a' teagasg na Gàidhlig mar chuspair aig Oilthigh Obar Dheathain bhon ochdamh linn deug. Tha mòran àrd-sgoilearan Gàidhlig air a bhith aig an Oilthigh mar oileanaich no luchd-teagaisg. Bha an t-Ollamh Iain Stiùbhart Blackie na oileanach againn sna 1820an agus b' e fhuair Cathair Roinn na Daonnachd sna 1830an. Bha an t-Ollamh Ruairidh MacThòmais agus Iain Mac a' Ghobhainn (nach maireann) nan oileanaich aig Oilthigh Obar Dheathain tràth san fhicheadamh linn, agus chaidh MacThòmais air adhart gu bhith na Cheannard air Roinn na Ceiltis ann an 1956. Anns na bliadhnachan a dh'fhalbh, bha an t-àrd-sgoilear Gàidhlig Dòmhnall MacAmhlaigh na Leughadair ann an Ceilteis, agus b' e Dòmhnall Meek a' chiad Chathraiche aig Roinn na Ceiltis.

Thathas ag aithneachadh na h-eachdraidh fada, uasail seo ann am Plana Gàidhlig an Oilthigh – Plana a tha a' ruith bho 2013-18 – sa bheil geallaidhean a chum piseach agus leasachadh a thoirt air a' Ghàidhlig an co-theagasg Achd na Gàidhlig (Alba) 2005. Tha am Plana a' cur an cèill àrd-amas an Oilthigh; a' cur prìomhachas air oileanaich a tha a' dèanamh Gàidhlig mar chuspair, agus gus leudachadh a dhèanamh air na cothroman dha oileanaich sam bith tlachd mhòr fhaighinn às a' chànain agus a' chultar. 

A bharrachd air na cùrsaichean air an tabhainn tron Sgoil Cànain is Litreachais, tha Sgoil Foghlaim an Oilthigh cuideachd gu math cliùiteach a thaobh phrògraman foghlaim Gàidhlig. Tha an t-Ionad Rannsachadh air Eòlas na h-Alba is Èireann cuideachd a' cumail taic ris a' Ghàidhlig. Tha an t-Ionad a' foillseachadh iris litreachais, Causeway / Cabhsair, le pìosan bàrdachd agus sgeulachdan goirid tric a' nochdadh ann bho sgrìobhadairean Gàidhlig, feadhainn aig a bheil ainm mar tha agus cuideachd sgrìobhadairean ùra.

Ceanglaichean Feumail