Rè na ciad linn deug, b' i a' Ghàidhlig prìomh chànan a' chuid bu mhotha de dh'Alba (a' gabhail a-steach an Ear-Thuath), mar a tha ainmean-àite a' sealltainn dhuinn. Bhon àm seo, ge-tà, tha a' chànan air crìonadh. Chunnacas Gàidhealtachd fa leth a' tighinn am follais aig deireadh na ceathramh linn deug. Lorgas an-diugh air a' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan 55 sa chiad den 58,652 daoine aig a bheil Gàidhlig an Alba. 'S ann am measg choimhearsnachdan air an Eilean Sgitheanach, sna h-Eileanan Siar agus, gu ìre nas lugha, an Eileanan Earra-Ghàidheal, a lorgas a-nise fìor choimhearsnachdan Gàidhlig na h-Alba.
Tha eilthireachd às a' Ghàidhealtachd air a bhith na rud cumanta bhon ochdamh linn deug a-mach, nuair a chaidh coimhearsnachdan Gàidhlig a stèidheachadh ann am bailtean mòra na h-Alba, leithid Glaschu, Grianaig, Pàislig, Dùn Èideann, Dùn Dè agus Peairt. Lorgas coimhearsnachdan beòthail Gàidhlig ann am bailtean mòran na h-Alba uile.
Bha na h-uimhir de dhaoine a' falbh a-null thairis san ochdamh agus tràth sna naoidheamh linn deug agus gun do dh'èirich coimhearsnachdan Gàidhlig ann an dùthchannan eile. Lorgadh an tè a b' ainmeil dhiubh seo ann an Canada. Tha Gàidheil ri fhaighinn ann an Canada fhathast, gu h-àraidh ann an Alba Nuadh, far a bheil coimhearsnachd bheag de dhaoine a thogadh leis a' Ghàidhlig agus àireamh nas motha de dhaoine a tha ga h-ionnsachadh. Tha coimhearsnachd na Gàidhlig, san là an-diugh, na coimhearsnachd a tha sgapte air feadh na cruinne.