Ged nach eil mòran mothachaidh ga thoirt dha seo uaireannan, bha ceàrnaidhean san Ear-Thuath aig aon àm taobh a-staigh na Gàidhealtachd, le paraistean air Bràigh Dhè leis na coimhearsnachdan fa dheireadh a bha a' bruidhinn na Gàidhlig. B' i a' Bh-ph Sìne NicGilleBhàin à Bràigh Mhàrr, a dh'eug ann an 1984, an neach mu dheireadh aig an robh Gàidhlig Siorrachd Obar Dheathain. Tha Leabhar Dhèir cuideachd na cheangal cudromach eachdraidheil don Ghàidhlig. Chuireadh ri chèile e aig Manachainn Ceilteach ann an Dèir, Siorrachd Obar Dheathain; san deicheamh linn (le barrachd ga chur ris san darna linn deug) agus tha e a' toirt dhuinn sealladh iongantach air a' chultar, air an Eaglais agus air muinntir Alba, Shasainn agus Èireann sna linntean sin. Lorgas ann cuid dhe na h-eisimpleirean as sine de sgrìobhadh Gàidhlig na h-Alba sna meadhan aoisean.

Tha an-diugh mu 2,500 neach aig a bheil Gàidhlig ann am baile Obar Dheathain agus ann an Siorrachd Obar Dheathain. Anns a' bhaile fhèin, tha foghlam Gàidhlig ri fhaighinn bho aois ro-sgoil suas gu ìre ceuma agus iar-cheuma.

Theirig an sàs ann an Coimhearsnachd Ghàidhlig Obar Dheathain!

Tha àite gu math cudromach aig luchd-obrach agus oileanaich Oilthigh Obar Dheathain ann an coimhearsnachd Ghàidhlig na sgìre, agus iad an sàs mar bhuill agus luchd-taice bhuidhnean leithid Club Gàidhlig Obar Dheathain, Còisir Ghàidhlig Obar Dheathain agus Comann Cultair agus Traidiseanan na h-Alba (SCAT). 

Tha an t-Oilthigh cuideachd a' dèanamh obair chudromach sa choimhearsnachd tro na tachartasan air an cur air dòigh le Comann Ceilteach Oilthigh Obar Dheathain.