Tha an Roinn seo le eachdraidh fhada uasal ann a bhith a' cumail taic ri oileanaich aig ìre iar-cheumnach. Tha sinn an-dràsta a' tabhainn ceum Master's tro rannsachadh (MLitt no 'Master of Letters', mar as trice) agus ollamhachd tro rannsachadh: PhD no Ollamh Feallsanachd. Tha Comhairlean Rannsachaidh Bhreatainn mar as trice ag iarraidh air oileanaich ceum Master's a bhith aca mas tòisich iad air PhD, agus 's e seo an àbhaist, ach gabhaidh e a dhèanamh uaireannan – le oileanaich a tha fìor bharraichte - a dhol dìreach gu PhD.

Gheibhear fiosrachadh a bharrachd an seo air: 

MLitt

Aig Oilthigh Obar Dheathain, tha MLitt a' toirt bliadhna dha oileanach làn-ùine. Tha a' bhliadhna a' tighinn gu crìch le tràchdas rannsachaidh de mu 30,000 facal. Tha oileanaich cuideachd a' gabhail chùrsaichean trèanadh rannsachaidh tron bhliadhna. Tha cuideachd an cothrom ann MLitt a dhèanamh pàirt-ùine.

PhD

Tha PhD aig Oilthigh Obar Dheathain mar as trice a' leantail a' mhodail ‘1+3’, le oileanaich a' dèanamh ceum Master's sa chiad bhliadhna mas tòisichear air a' PhD fhèin. Tha PhD a' toirt trì bliadhna, làn-ùine, le tràchdas 90,000 facal ga sgrìobhadh. Mar an MLitt, gabhaidh am PhD a dhèanamh pàirt-ùine. Thathas an dùil gun gabh oileanaich PhD cùrsaichean trèanaidh is leasachaidh, agus gum bi iad an sàs ann an àrainneachd ionnsachaidh na Roinne, na Sgoile agus an Oilthigh air fad. An lùib rannsachaidh tha eagrachadh cho-labhairtean (agus a' dol an sàs annta), foillseachadh rannsachadh, co-obrachadh le luchd-obrach eile agus pàirt a ghabhail ann am fòram iar-cheumnach an Oilthigh. Tha cuid de dh'oileanaich PhD cuideachd a' faighinn a' chothruim cùrsaichean fo-cheumnach a theagasg bho àm gu àm.

Maoineachadh Iar-Cheumnach

Tha Sgoil Cheumnaichean na Colaiste le fiosrachadh air cìsean agus mar a gheibhear maoineachadh mu choinneamh cheumannan MLiit agus PhD. Tha an Roinn a' faighinn cuideachadh bhon Dìleab Sgoilearach Milne agus bho Dìleab Sgoilearach MhicLeòid. Tha an dà dhuais seo fosgailte dha oileanaich iar-cheumnach a tha a' lorg taic mu choinneamh chìsean, ach bidh iarrtasan nan oileanach ann an co-fharpais a chèile airson maoineachaidh. Tha e dualtach maoineachadh gu leòr a bhith ann airson cìsean oileanach UK/EU a phàigheadh. Bu choir fios a chur air An Dr Moray Watson sa chiad dol a-mach.