Rannsachadh

Rannsachadh

Tha rannsachadh Gàidhlig a' coimhead ri litreachas Gàidhlig, eachdraidh chultarail agus saoghail Gàidhlig là an-diugh. Taobh a-staigh nan sreathan seo, tha rannsachadh ga dhèanamh air cuspairean leithid rosg bhon ochdamh linn deug gu atharraichean sòisio-chànanach sna coimhearsnachdan dà-chànanach Beurla-Gàidhlig là an-diugh.

Tha an Roinn a' foillseachadh na h-irise Scottish Gaelic Studies, tè dhe na h-irisean 'peer-reviewed' as cliùitich an saoghail acadaimigeach na Gàidhlig. Tha an t-Oilthigh a' co-stiùireadh a' phròiseict rannsachaidh eadar-oilthighean Soillse - air a mhaoineachadh le Comhairle Mhaoineachaidh na h-Alba, Bòrd na Gàidhlig agus Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean - a tha ag amais air leasachadh a thoirt air comasan rannsachaidh gus cur ri poileasaidhean poblach a chum glèidheadh agus ath-leasachadh na Gàidhlig; a' chànan agus an cultar.

Eisimpleirean air obair rannsachaidh a rinneadh bho chionn ghoirid:

  • Watson, Moray 2012. Bàrdachd Iain Mhic a' Ghobhainn. Steòrnabhagh: Acair.
  • NicLeòid, Michelle 2011. 'Gaelic drama: the forgotten genre in Gaelic literary studies', ann an Emma Dymock agus Wilson MacLeòid (luchd-deasachaidh) Lainnir a' bhùirn: Scottish Gaelic Literature in the Twentieth Century and Beyond. Dùn Èideann: Dunedin Academic Press, dd. 55-70.
  • Watson, Moray 2011. An Introduction to Gaelic Fiction. Dùn Èideann: Edinburgh University Press. 
  • Watson, Moray 2011. 'Luasganach, neo-chàirdeil, sìorruidh', ann an Emma Dymock agus Wilson MacLeòid (luchd-deasachaidh Lainnir a' bhùirn: Scottish Gaelic Literature in the Twentieth Century and Beyond. Dùn Èideann: Dunedin Academic Press, dd. 41-54.
  • Moray Watson agus Lindsay Milligan (luchd-deasachaidh) 2010. From Vestiges to the Very Day: New Voices in Celtic Studies. Obair Dheathain: Ionad AHRC air Eòlas na h-Alba agus na h-Èireann.
  • Watson, Moray and NicLeòid, Michelle (luchd-deasachaidh) 2010. The Edinburgh Companion to the Gaelic Language. Dùn Èideann: Edinburgh University Press.

Airson liosta coileanta de na foillseachaidhean againn, theirigibh gu duilleagan fa leth luchd-obrach.