Gàidhlig

Gàidhlig

Fàilte gu Roinn na Gàidhlig!

Fàilte gu Roinn na Gàidhlig Oilthigh Obar Dheathain! Tha cliù na roinne againn air a dhol am meud bhon a thòisich sinn air Gàidhlig a teagasg do dh'oileanaich-ceuma an 1916. Chan eil e ach iomchaidh, a thaobh far a bheil an t-Oilthigh stèidhte, gu bheil an roinn seo cho iomraiteach air teagasg na Gàidhlig, an cànan agus an cultair, le stiùireadh bho luchd-teagaisg aig a bheil fìor dhealas airson teagasg agus rannsachadh.

Thigibh an seo a dhèanamh a' Ghàidhlig

Thigibh an seo a dhèanamh a' Ghàidhlig

Lorgas an seo àrainneachd ionnsachaidh a tha càirdeil is beothail dha fo-cheumnaichean agus a fhreagras air gach ìre fileantais, gu h-àraidh air daoine aig ìre tòiseachaidh.

Ceum ùr dùbailte ann an Gàidhlig le Eòlas Ceilteach agus Angla-Shasannach

Ceum ùr dùbailte ann an Gàidhlig le Eòlas Ceilteach agus Angla-Shasannach

Faodar a-nise Gàidhlig a dhèanamh ann an co-bhuinn le roghainnean bhon phrògram ùr Eòlas Ceilteach agus Angla-Sasannach.

Tabhartas bhon AHRC airson trèanadh iar-cheumnach

Tabhartas bhon AHRC airson trèanadh iar-cheumnach

Tha Oilthigh Obar Dheathain na bhall de cho-bhanntachd a fhuair maoineachadh luach £1.85 millean bhon AHRC airson sgoilearachdan is trèanadh iar-cheumnach ann an Cànanan Ceilteach eadar 2014-19.

Theirig an sàs sa Ghàidhlig!

Theirig an sàs sa Ghàidhlig!

Tha an-diugh mu 2500 aig a bheil Gàidhlig san Ear-Thuath na h-Alba. Feuch is lorg fiosrachadh air mar a thèid thu fhèin an sàs an gnothaichean Gàidhlig sa sgìre.

An ath fhoillseachadh san t-sreath Scottish Gaelic Studies

An ath fhoillseachadh san t-sreath Scottish Gaelic Studies

Chan fhada gus an tig an ath fhoillseachadh de Scottish Gaelic Studies a-mach, iris cho cliùiteach agus a tha againn an saoghal sgoilearach na Gàidhlig.

Tasgadh airgid ’son faclair Gàidhlig

Tasgadh airgid ’son faclair Gàidhlig

Tha Comhairle Mhaoineachaidhna h-Alba (SFC) air dà mhillean not a chur ri proìseact a tha ag amas air faclair mòr Gàidhlig air-loidhne a chruthachadh.

Tha Roinn na Gàidhlig aig Oilthigh Obar Dheathain na ionad aig a bheil cliù mòr a thaobh teagasg agus rannsachadh air litreachas,cultar agus sòisealtas na Gàidhlig. Leis is gu bheil an t-Oilthigh stèidhte ann an ceann a tuath na h-Alba, chan eil sinn fada sam bith bhon Ghàidhealtachd; agus tha ar n-obair rannsachadh Gàidhlig gu mòr a' cur ris a' phrògram cheuma ann an Eòlas Gàidhlig.  

Tha an Roinn a' foillseachadh na h-iris Scottish Gaelic Studies, an iris sgoilearach as barraichte an saoghail acadaimigeach na Gàidhlig. Tha sinn cuideachd a' stiùireadh a' phròiseict rannsachaidh eadar-oilthighean Soillse, a tha ag amais air piseach a thoirt air comasan rannsachaidh na h-Alba gus fiosrachadh a chumail ri obair dealbhachaidh phoileasaidhean poblach a chum ath-bheothachadh agus ath-leasachadh na Gàidhlig.

Gheibhear tron chùrsa Eòlas Gàidhlig cothrom air ceum singilte, ceum dùbailte no ceum co-bhannta a dhèanamh, cho math ri cùrsaichean dha iar-cheumnaichean. Tha na ceanglaichean air an làimh-chlì le barrachd fiosrachaidh air na diofar phrògraman ceuma, air an obair rannsachaidh sa bheil sinn air a bhith an sàs bho chionn ghoirid agus air Gàidhlig ann an Ear-Thuath na h-Alba.  

Bidh cuideachd cothrom thighinn gu là fosgailte aig an Oilthigh far am faicear cò ris a bhiodh beatha air àrainn an Oilthigh agus ann am baile Obar Dheathain fhèin coltach.

Gàidhlig

Sgoil Cànain is Litreachais
Oilthigh Obar Dheathain
Colaiste an Rìgh
Obar Dheathain
AB24 3UF
Alba, UK
 Fòn: +44 (0)1224 272625
Facs: +44 (0)1224 272624
Post-d: llmvc.enquiries@abdn.ac.uk