Cothroman air Foghlam Fad-beatha do dh’oileanaich 'abaich'

Cothroman air Foghlam Fad-beatha do dh’oileanaich 'abaich'

Authors

Cathy Mary MacMillan

Download

PDF Version

Abstract

Cathy Mary MacMillan, discusses current opportunities for those who wish to engage in lifelong learning.

content

Tha sean-fhacal ann a tha ag ràdh gur ann an deireadh a latha as fheàrr a dh'obraicheas an Dòmhnallach. Ged nach ann den chinneadh sin a tha mi, tha mi gam fhaicinn fhèin anns an riochd sin. Bu bheag mo dhùil 's mi a-nis a' cagnadh na leth-cheud bliadhna, gum bithinn a' tòiseachadh caibideil ùr dem bheatha, gam lorg fhèin a 'seasamh mu choinneimh chlasaichean de dheugairean, a' teagasg Gàidhlig airson a' chiad turais. Cò shaoileadh nuair a dh'fhàg mi-fhìn fòghlam na h-àrd-sgoile bho linn cogadh nan con, gum bithinn fhathast air m'fhaighinn san dearbh dhreuchd a dhiùlt mi a dhèanamh an uair sin.

Nuair a chur mise crìoch air an fhoghlam aig seachd bliadhna deug a dh'aois, bha mi air foirm-iarrtais a chur a-steach gu Cnoc-Iòrdain airson trèanadh nam thisdear bun-sgoile. Thairis air an t-samhradh dh'atharraich mi m'inntinn, agus sgrìobh mi gu Cnoc-Iòrdain a ràdh sin. Chaidh mi air m'adhart gu colaiste eile agus obraichean eile gun seagh gus na phòs mi. B'ann an uairsin a thòisich an dreuchd a tha fìor chudromach agus gun teagamh an dreuchd far a bheil thu a' foghlam fad-beatha, gun dheuchainn a dhèanamh, gun theisteanas fhaighinn, 's e sin a bhith ag àrach chloinne. Mus do ràinig mi dà fhichead bliadhna a dh'aois bha seachdnar agam.

Bha ùidh air a bhith agam a- riamh ann an Gàidhlig, eadar cultair, litreachas agus eile. B'e sin an cuspair a b'fheàrr air an robh mi san sgoil agus dèagh chuimhneachain agam air na tidsearan  a bha ga teagasg dhomh. Tha fios gun robh sin fhèin a' toirt buaidh orm gun mhothachadh fhollaiseach agam air. Nuair a chaidh a' chlann, duine ma seach aca dhan sgoil, thòisich mi a' sgrìobhadh sgeulachdan beaga agus pìosan bàrdachd èibhinn a bhiodh iad ag aithris aig a' Mhòd agus thog sin m'ùidh sa chànan a-rithist. Thòisich mi cuideachd a' cur ri chèile deilbh-chluiche airson na sgoile againn fhèin aig àm consairt na Nollaig. Ach cha robh iarratas sam bith agam aig an àm sin dad a dhèanamh ach màthaireachd.

Aig an ìre seo sa sgeulachd, feumaidh mi a ràdh gun tug grunn bhoireannaich làidir cothroman dhomh agus comhairlean orm a dh'atharraich cùrs mo bheatha. B' iad dithis den fheadhainn sin Marisa NicDhòmhnaill bho Phròiseact nan Ealan a bha a' cur chùrsaichean sgrìobhaidh airson Tbh agus rèidio air dòigh, agus Anna Lathairne NicIlliosa a bha a' lìbhrigeadh nan cùrsaichean sin. Eadar iad thug iad misneachadh agus brosnachadh dhomh. Bha na cùrsaichean seo gan ruith ann an Colaisde a' Chaisteil agus cò bha an-sàs ann an Gàidhlig an sin ach bana-ghaisgeach eile, Anna NicSuain. Mus do sheall mise rium fhìn, bha mi air m'ainm a chur ri Cùrsa Ceum  (BA) Gàidhlig Cànan is Cultair.

Tha cuimhn' agam fhathast agus bithidh, a chiad latha a chaidh mi a-steach san t-Sultain 2001 aig 42 bliadhna a dh'aois agus feagal dearg mo bheatha orm gun robh mi a' dol a dhèanamh oinnseach dhiom fhèin am measg na bhiodh an sin de sgoilearan òga a bha dìreach air an sgoil fhàgail. Bu mhòr m'iongnadh ma tha, nuair a choinnich mi ris an fheadhainn  a bha gu bhith còmhla rium airson trì bliadhna. A-mach às na h-ochdnar a bh'anns a' chlas, bha ceathrar againn pòsta agus le teaghlaichean, triùir bhoireannach agus aon fhireannach ( a chum ar cridhe rinn fad na trì bliadhnaichean!) Bha an ceathrar againn air obraichean agus cosnadh a leigeil seachad. Tha fios gun robh barrachd iomagain oirnn aig an ìre sin na bh' againn de mhisneachd.

Thòisich sinn ma tha, còmhla ris an fheadhainn òga sin, a' feuchainn ri ar n-eanchainnean a chur ris an tuiseal tabhartach agus an tuiseal gineadach, trà-sgrìobhaidhean agus eadar-theangachadh, Somhairle agus Donnachadh Bàn, sgeulaichean, mannaich, eilthireachd, saobh-chràbaidhean nan Gàidheal, Eòin Carsewell, agus o mo chreach, anns an treas bliadhna, feallsanachd. Ma tha trioblaid agad le feallsanachd Aristotle, Augustine, Hume no Kant 's iad sin, nach fheuch thu air na facail mhòr a bha sud sa Ghàidhlig. Theab iad ar liathadh, iad fhèin agus GOC. Cha b'e GOC poca b'fheàrr. 'S fhada chithinn e uaireannan. Chum sinn oirnn.

Nach sinn a fhuair an cothrom ma tha, fuireach aig an dachaigh agus Cùrsa Ceum cho inntinneach is cho feumail a ghabhail. Dh'ionnsaich sinn sgilean agus dòighean-obrach a bha pailt cho adhartach agus èifeachdach ri oilthigh sam bith, le luchd-teagaisg ealanta agus (feumaidh mi a ràdh) foighidneach. Chaidh sinn gu Dùn Èideann gun Phàrlamaid le athchuing Strì nan Oileanach ag iarraidh Achd Ghàidhlig.  Rinn sinn iomadh gearain agus ochain mu na bh'againn de dh'obair agus na h-aistean mòra fada. Rinn sinn iomadh gàire aig ar n-aineolas fhèin, agus le Dòmhnall Iain gar cumail a' dol. Gu cianail is gu tùrsach, ghuil sinn gu goirt nuair a chaill sinn Teenie bhàn, ghrinn, a chaill a beatha aig fichead s' aon bliadhna a dh'aois, ri linn an tinneas tuiteamaich aig deireadh na dàrna bliadhna againn. Cha robh an clas an aon nì bhon uairsin, ged a bha feadhainn às ùr còmhla rinn. Chum sinn fhathast oirnn.

Chaidh gach aon againn, an dèidh dhuinn ceumnachadh anns an Lùnastal 2004, air adhart gu obraichean ann an saoghal na Gàidhlig, sianar nan tidsearan, aon ann an saoghal nam meadhanan, aon tè a bha ag obair làn thìde fhads a rinn i an cùrsa thairis ceithir bliadhna agus Dòmhnall Iain còir a chaidh an toiseach gun BhBC agus an uairsin gu Stòrlann, far an cum e na h-uimhir de smachd oirnn nar tidsearan, rud a dh' fhàilnich air fhads a bha e còmhla rinn.

Cothrom air leth ma tha dhuinne, nach robh buileach cho òg agus aig nach robh comas an dachaigh fhàgail airson cùrsa ceum mar seo a choileanadh. Cothrom sònraichte air foghlam fad beatha. Fhuair an fheadhainn a tha a'  teagasg bun-sgoil eadhan air sin fhèin a dhèanamh ann an Colaiste a' Chaisteil, togalach brèagha, glan ùr, àite far a bheil e na adhbhar tlachd a bhith ag ionnsachadh. Aig an ìre seo tha mi airson a ràdh gun robh agus gu bheil an cùrsa seo, Cànan is Cultair cho inntinneach 's gu bheil feadhainn òga fhathast air an tarraing thuige. Tha mo nighean fhìn an- dràsta air an dàrna bliadhna, agus oileanaich "abaich", mar a bha mi-fhìn, fhathast a' gabhail nan cothroman.

Fhads a bha mi sa cholaist, thuirchear orm boireannach làidir, misneachail eile, Chrisella Ross bho Phròiseact nan Sgeulachd agus ghabh mi cothrom a bhith ag obair còmhla rithe ann am pròiseact a bha uabhasach intinneach. Ged a chòrd sin rium, bha mi air a bhith an sàs aig Fèis agus anns a' choimhearsnachd agam fhìn le drama agus òigridh, agus bha iarratas mòr agam a dhol a theagasg. Cha robh mi idir airson a bhith a' teagasg chloinne sa bhun-sgoil, ach bha fhios agam gum feumainn falbh bhon dachaigh nam bithinn airson trèanadh nam thidsear àrd-sgoil, agus le sianar fhathast aig an taigh, bha sin do-dhèanta dhomh. Bha cho math dùil a leigeil thairis.

Ach mar a bhios a' tachairt anns gach sgeulachd, ann an deagh àm, nochd bana-ghaisgich a-rithist. Nach mìorbhaileach e, gur iad na boireannaich as motha a tha a' misneachadh agus a' brosnachadh. Eadar Anna Nicsuain agus Catriona Dunn, fhuair mi fiosrachadh mu chùrsa ùr airson tidsearan àrd-sgoile  a bha ga lìbhrigeadh tro Oilthigh Obar Dheathain, thairis air dà bhliadhna agus aig astar. Chan fheumainn an dachaigh no an teaghlach fhàgail. 'S iomadh ùrnaigh a rinn mi' s mi ag iarraidh stiùireadh bho Dhia. Bha E air mo chumail ceart gu ruige seo.  Nam bithinn airson an trèanadh seo a dhèanamh, dh'fheumainn an dreuchd ùr agam agus an cosnadh a leigeil seachad, oir eadar sin, cùrsa ùr is uallaichean an teaghlaich, bhiodh e cus.. Ach bhithinn a' fuireach aig an dachaigh. Cha b'e co-dhùnadh duilich a bh'ann.

Thòisich còignear againn anns na h-Eileanan Siar, triùir a' trèanadh gu bhith nan tidsearan Gàidlig agus dithis a' dèanamh Beurla. An dèidh agallamh le Mairead NicÌomhair agus Cairstiona Walker bhon oilthigh, shiubhail sinn gu Obar Dheathain airson seachdain. Choinnich sinn an sin ri mu dhusan oileanach eile, ar co-shamhail fhèin, boireannaich agus fireannaich nach b'urrainn dachaighean no teaghlaichean fhàgail agus a bha airson teagasg a dhèanamh. Bha a' mhòr chuid a' dèanamh Beurla, feadhainn le Matamataig agus tè le Eaconamas Dachaigh(??) Nar cois bha Aonghas Mac Illinnein, neach-teagasg Gàidhlig ann an Sgoil a' Bhac ann an Leòdhas, a bha air fhastadh leis an oilthigh gus trèoireachadh a thoirt dhuinn. Bu mhòr ar feum air agus 's mòr na rinn e dhuinn, eadar ar measadh air na greisean-sgoile agus a' leughadh gu dùrachdach, creididh mi, an sgudal a bhiodh sinn a' sgrìobhadh  sna h-aistean.. Os ar cionn cuideachd bha Jim McCracken bhon oilthigh agus 's iomadh turas a thuirt sinn thairis air an dà bhliadhna sin, nach biodh sinn air a' chùis a dhèanamh às aonais an dithis sin. Thug iad deagh chomhairle oirnn agus taic chuideachail dhuinn. 'S iomadh ceist ghòrach a fhuair iad!

Bha gach cuspair a' tighinn thugainn nar dachaighean air loidhne air WebCT, agus air mo shon fhìn, do nach b'aithne fiù 's an coimpiutar a chur air o choinn còig bliadhna, bha eagal dearg mo bheatha orm. Cha leiginn a leas, bha gach aon againn san aon suidheachadh agus bha sinn a' còmhradh ri chèile, a' misneachadh 's a ' brosnachadh, 's a ' gabhail truas ri càch a chèile thairis air an eadar-lìon. Chaidh cuspairean bho fheallsanachd air mar a bhios clann ag ionnsachadh, ciamar a làimhsicheadh sinn sinn fhìn gu proifeasanta, ciamar a chumadh sinn smachd sa chlas, mar a dh'aithnicheadh sinn far an robh trioblaidean ionnsachaidh aig pàiste, gu measadh an cuid obrach, ullachadh leasain, clàradh agus gach iomadh nì eile a bha ri ionnsachadh, a chur thugainn air loidhne. Bha cothrom an sin beachdachadh air agus measadh na bha gach aon againn a ' dèanamh, nì a bha cudromach ionnsachadh oir bha sin air a mholadh dhuinn ionnsachadh do na sgoilearan.

Ceithir tursan sa chiad bhliadhna, agus trì tursan san dàrna bliadhna fhuair sinn cothrom air a chèile fhaicinn ann an co-labhairt bhideio. Fhuair sinn air eolas-teagaisg fhaighinn sna sgoiltean sna h-Eileanan. Agus aig gach àm bha Cairstiona agus Mairead gar misneachadh, dh'aindeoin 's na trioblaidean a bh'aca fhèin thairis air an dàrna bliadhna.

Mo bheannachd air na thachair riumsa de bhana-ghaisgich, mo chèile agus mo theaghlach a bha cho foighidneach is cho taiceil. Mura biodh esan a' cosnadh bhiodh cùisean air a bhith do-dhèanta dhomh. Thaing os cionn na uile do moThighearna, tha mi an-diugh, ann am foghar mo bheatha, a' coileanadh an iarrtais a dhiùlt mi na mo làithean buidhe. Ma 's urrainn dhòmhsa le seachdnar chloinne a dhèanamh aig m'aois, bhithinn an dòchas gum biodh e na adhbhar misneachd do bhoireannaich, agus fireannaich eile. Tha na cothroman ann an-diugh tilleadh gu foghlam, ann an iomadach cuspair agus chan eil adhbhar gum biodh nì  sam bith na chap-starradh no na bhacadh do dhuine, rùn an cridhe a choileanadh a thaobh foghlam fad beatha, no dreuchd gu tur ùr, ma tha aithreachas orra nach do rinn iad e nan òige.

Cathy Mary Nic a' Mhaoilein is a mature student who qualified in 2007 as a Gaelic secondary teacher through Aberdeen University's PGDE(S) Part-time Distance Learning Programme.

Published in Volume 16,