Scottish Gaelic Studies

Scottish Gaelic Studies

Tha an iris Scottish Gaelic Studies na adhbhar mòite agus tlachd dha sgoilearan Gàidhlig Obar Dheathain, agus i na fìor ulaidh luachmhor aig Gàidheil na h-Alba, taobh a-staigh agus taobh a-muigh an t-saoghail acadaimigich. Chaidh a foillseachadh an toiseach an dèidh iarrtas bho fhear Iain Friseal, a' chiad òraidiche Gàidhlig aig Oilthigh Obar Dheathain (a chaidh fhastadh an 1916) ach cha do nochd i an toiseach gu 1926, fada an dèidh dha am Frisealach falbh. Bha i, bhon fhior thoiseach, air a cuir ri chèile le àrd-sgoilearan Roinn na Ceiltis aig Oilthigh Obar Dheathain, le Iain Dòmhnallach – a fhuair dreuchd Iain Fhriseil – ciad neach-deasachaidh na h-irise; agus tha leabhar a h-aon, pàirt a h-aon fhathast ga fhoillseachadh gus an là an-diugh! Chan eil rian nach deach cus leth-bhreac a dhèanamh, oir tha an fheadhainn a thàinig às dèidh làimhe gan clo-bhualadh tuilleadh agus tha iad garbh duilich a lorg. B' iad ceannardan na Roinne Ceiltiche luchd-deasachaidh na h-irise airson a' chòrr den fhicheadamh linn; b' iadsan: Ruairidh MacThòmais, Dòmhnall MacÀmhlaigh agus an t-Oll Dòmhall E. Meek. Chaidh an obair a ghabhail bhos làimh bho chionn ghoirid bhon Oll Colm Ó Baoill leis an Oll Moray Watson agus a sgioba.

Fiosrachadh dha Sgrìobhadairean

Tha an iris Scottish Gaelic Studies na foillseachadh 'peer-reviewed'. Chan eileas a-riamh air a bhith ro theann a thaobh chuspairean na h-irisie. Chan I a-mhàin Gàidhlig na h-Alba, ach obair air a dèanamh ann an Alba [no àite sam bith eile!] air cuspair Ghàidhlig sam bith,; a' gabhail a-steach cànan, litreachas, eachdraidh, foghlam agus planadh cànain.

Tha Scottish Gaelic Studies an-dràsta ga foillseachadh as t-fhoghar gach bliadhna. Tha an luchd-deasachaidh a' cur failte air artaigilean airson na h-ath iris. Bu choir artaigilean a chuir gu luchd-deasachaidh ann an cruth didsiotach aig scottishgaelicstudies@abdn.ac.uk air neo mar sgrìobhainn chlo-bhuailte gu Sgoil Cànain agus Litreachais, Togalach Mhic an Tàilleir, Oilthigh Obar Dheathain, AB24 3UB. Bu choir sgrìobhadairean cumail ri stoidhlichean agus gnàthasan sgrìobhaidh na h-irise - a tha ri lorg taobh a-staigh dhuilleagan aghaidh seann fhoillseachaidhean den iris – gu h-àraidh gum feumas notaichean-deiridh a chleachdadh seach bonn-notaichean. Faodar artaigilean a sgrìobhadh ann an Gàidhlig no ann am Beurla. Chan eileas a' cur crìch air àireamh fhaclan nan artaigilean.

Post-d: scottishgaelicstudies@abdn.ac.uk

Rannsachadh na Gàidhlig

Bhiodh e coltach gu leòr a chantainn gun deach iomairt ùr acadaimigeach a chuir air bhonn leis a chiad cho-labhairt de Rannsachadh na Gàidhlig, a chuireadh air dòigh le Scottish Gaelic Studies sa bhliadhna 2000. Bha an co-labhairt cho soirbheachail agus cho ùr mar chothrom cruinneachaidh dha Gàidheil, agus gu bheil i ga cumail fhathast gach darna bliadhna de dh'àireamh chothromach aig diofar oilthighean, leithid Glaschu, Dùn Èideann, Sabhal Mòr Ostaig, Oilthigh St Francis Xavier, Antigonish NS, air ais ann an Obar Dheathain ann an 2010. Bha Rannsachadh na Gàidhlig ga cumail aig Oilthigh Dhùn Èideann ann an 2014.