Meal an naidheachd air na ceumnaichean!

Chumadh seirbheis cheumnachaidh na Gàidhlig aig Talla Elphinstone, Colaiste an Rìgh, air 8mh Iuchar agus tha Roinn na Gàidhlig a' cur meal an naidheachd air gach aon de na sia ceumnaichean.  Tha sinn a' guidhe gach soirbheachadh le Justine NicAoidh (Gàidhlig), Cara Coburn (Gàidhlig), Mhàiri Mhàrtainn (Eòlas Gàidhlig agus Cruinn-eòlas), Ceitidh Seal agus Kerri Nic Eòghainn (Gàidhlig agus Frangais), agus le Tòmas Mac a Ghobhainn (Gàidhlig agus Eachdraidh) ge brith dè nì iad san àm ri teachd.