PGCert 12 mhìos (pàirt-ùine)

Cò dha a tha am Prògram seo?

Tha am prògram STREAP ag amais air coinneachadh ri feumannan luchd-foghlaim proifeiseanta a tha airson leasachadh a dhèanamh air an sgilean proifeiseanta a chum a bhith nas comasaiche cuspairean/ìrean sònraichte a theagasg tro mheadhan na Gàidhlig.

Feartan àraidh a’ Phrògraim

Tha am prògram seo a’ dol thairis air a’ chuspair bho thaobh teòiridh, eachdraidh agus poileasaidh far a bheil iad a’ buntainn ri teagasg bogaidh is dà-chànanach agus ri tarraing dhaoine gu Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig.

Tha e a’ toirt piseach air sgilean Gàidhlig, comasan agus misneachd a thaobh ghnothaichean san t-seòmar-theagaisg agus a thaobh beachd-smuaineachadh air obair ann an co-theagasg Foghlaim tro Mheadhan na Gàidhlig.

Cìsean is Maoineachadh

Tha am prògram STREAP a’ faighinn a mhaoineachadh gu lèir bho Riaghaltas na h-Alba. Tha na cosgaisean aontaichte uile air am pàigheadh tro bhuidseat a’ phrògraim; a’ gabhail a-steach cìsean oilthigh, cosgaisean ’son àite-fuirich aig na seiseanan aghaidh-ri-aghaidh, cosgaisean-siubhail agus nan cosgaisean mu choinneamh thidsearan sealach.

Airson fiosrachadh a bharrachd, theirig gu leabhar-iùil an oilthigh no cuir fios gu mpp@abdn.ac.uk.

Airson cuir a-steach ’son a’ chùrsa, faigh am Fòirm Iarrtais.