Plana Gàidhlig an Oilthigh

Dh'ullaich Oilthigh Obar Dheathain Dreachd Phlana Gàidhlig gus cleachdadh is ionnsachadh na Gàidhlig a bhrosnachadh fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005. Fon Achd, tha buidhnean phoblach a' faighinn fios-oifigeil bho Bhòrd na Gàidhlig, a' bhuidheann phoblach air a bheil uallach airson na Gàidhlig, gum feum iad Plana Gàidhlig ullachadh a chuideachadh oidhirp nàiseanta gus inbhe na Gàidhlig a leasachadh mar cànan oifigeil na h-Alba

Tha an ùine cho-chomhairleachaidh dùinte a-nis. Bidh ar Plana Gàidhlig deireannach ri fhaighinn air an làrach-lìn an uair a tha e deiseil.

Dè tha dol aig Oilthigh Obar Dheathain?

Cearcall Còmhraidh

Tòisichidh An Cearcall Còmhraidh Diciadain 6 An Gearran 2013 bho 1-2f ann an A59 (Togalach Mhic an Tàilleir), is ruithidh e gach cola-deug. Tha fàilte oirbh uile frithealadh. Chan fheum sibh a bhith nur fileantach. Ma tha sibh ag ionnsachadh Gàidhlig no ma tha Gàidhlig agaibh mar-thà gabhaibh pàirt san spòrs! Airson barrachd fiosrachaidh ma dheidhinn, cuir fios gu gaelicplan@abdn.ac.uk.

Cearcall Seinne

A bheil sibh dèidheil air òrain Ghàidhlig? An toil leibh a bhith a' seinn?

Ruithidh cearcall seinne Diciadain gach cola-deug. 'S e deagh chothrom a th'ann gus òrain Gàidhlig ionnsachadh, agus tha fàilte oirbh uile frithealadh. Coinnichidh an cearcall seinne ann an A59 (Togalach Mhic an Tàilleir) bho 1-2f. Airson barrachd fiosrachaidh ma dheidhinn, cuir fios gu marsaili.macleod@abdn.ac.uk.

Oidhche Foghlaim aig Oilthigh Obar Dheathain

14 Am Màrt 2013, 7-9F

Leabharlann An Ridire Duncan Rice, Làr 7

A bheil thu airson Gàidhlig ionnsachadh, no a bheil thu nad phàrant oileanach a tha a' beachdachadh air Oilthigh an-dràsta? Trobhad airson gloinne fìon agus grèim bìdh agus ionnsaich barrachd mun a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig le taisbeanaidhean beaga bho luchd-obrach an Oilthigh, Bòrd na Gàidhlig, agus Clì Gàidhlig.

Clasaichean Ùlpan

Tòisichidh cùrsa ùr (Ùlpan) aig an Ionad cànain a dh'aithghearr! Tha barrachd fiosrachaidh air a' phostair an-seo.

Ma tha thu airson barrachd ionnsachadh mun dòigh ionnsachaidh sònraichte seo, carson nach tig thu gu seisean blasad air 21 Am Màirt 2013, 6-8f?

Cuir post-dealain gu langcen@abdn.ac.uk no fòn 01224 272538.