Cùrsaichean fo-cheuma

Cùrsaichean fo-cheuma
Thar-sealladh

Ire 1 a' gaireachdainnTha sinn a' tabhainn chùrsaichean anns a' chànain, a' chultar agus an litreachas a rèir a h-uile ìre fileantais, gu h-àraidh luchd-tòiseachaidh.

Faodar Eòlas Gàidhlig a dhèanamh mar cheum MA singilte, dùbailte no mar cheum co-bhannta. Faodar cuideachd a' Ghàidhlig a dhèanamh sa chiad agus san darna bhliadhna maille ri prìomh chuspair a' cheuma agaibh, mar eileamaid de na roghainnean às a' phrògram . 

Lorgas an seo fiosrachadh air structar a' chùrsa cheuma Ghàidhlig agus mar as urrainn dhuibh Gàidhlig a thaghadh mar chuspair a bharrachd sa chiad bhliadhna. Carson nach gabh sibh an cothrom thighinn gu là fosgailte an Oilthigh ach am faic sibh cò ris a tha an t-Oilthigh agus Obair Dheathain coltach.

Is dòcha nach dèan sibh Gàidhlig ach airson aon teirm, air neo airson bhliadhnachan a' cheuma air fad. Ge brith dè slighe a ghabhas sibh, gheibhear cothrom air ionnsachadh mun chànain as sine a bhuineas do dh'Alba a tha fhathast ga bruidhinn, gus piseach a thoirt air ur cuid sgilean Gàidhlig ann an àrainneachd chuideachail, thaiceil.

Ceum
Gàidhlig

Lorgas an seo fiosrachadh air na cothroman air Gàidhlig a dhèanamh mar eileamaid de cheum aig Oilthigh Obar Dheathain.

Dè structar a' cheuma MA ann an Eòlas Gàidhlig?

Tha Eòlas Gàidhlig a' cur prìomhachas air nua-Ghàidhlig na h-Alba; a' chànan, litreachas agus sòisealtas. Tha trì sreathan cànain fa leth sa chùrsa cheuma: aon dha luchd-tòiseachaidh no daoine gun Ghàidhlig idir, dha daoine le Gàidhlig aig Àrd Ìre (luchd-ionnsachaidh), agus dha daoine le Àrd Ìre (luchd-fìleanta). Tha an dlùth-chùrsa dha luchd-tòiseachaidh ag amais air oileanaich a thoirt gu fileantas a thaobh leughadh agus sgrìobhadh cho luath 's as urrainn, leis na cùrsaichean dha oileanaich aig a bheil Gàidhlig mar-thà a' cur fòcas air fìor ghrinneas agus a' leasachadh dhòighean-labhairt agus briathrachais. A bharrachd air a' chànain, agus bhon chiad bhliadhna a-mach, tha cothrom aig oileanaich ionnsachadh mu bheul-aithris, litreachas, planadh cànain, cànanachas agus sòisio-chànanachas. Is urrainnear cuideachd cuspairean a thaghadh às roinnean eile. Faodar an MA ann an Eòlas Gàidhlig a dhèanamh mar cheum singilte no dùbailte le urram.

Air ais chun nan ceistean

Dè an cùrsa cànain as fhreagarraiche dhòmhsa?Progressive Gaelic 2

Is urrainn dha oileanaich gun Ghàidhlig, no le glè bheag dhith, dlùth-chùrsa luchd-tòiseachaidh a dhèanamh sa chiad agus san darna bhliadhna. Tha an cùrsa dha luchd-tòiseachaidh a' leantail prògraim de chlasaichean cànain, stèidhichte air na leabhraichean 'Progressive Gaelic', a sgrìobhadh airson a' chùrsa seo leis an Dr Moray Watson. Tha oileanaich a fhuair deagh comharra ann an Àrd Ìre sa Ghàidhlig (luchd-ionnsachaidh) a' leantail a' chùrsa aig ìre eadar-mheadhanach, leis an fheadhainn le Àrd Ìre sa Ghàidhlig (dha fileantaich) a' dèanamh a' chùrsa nas adhartaich dha daoine a thogadh leis a' Ghàidhlig.

Air ais chun nan ceistean

Dè na cuspairean eile as urrainn dhomh a ghabhail maille ri Gàidhlig?

SaraAnns a' chiad dà bhliadhna, bidh ùine agaibh cuspairean eile a dhèanamh a bharrachd air na cuspairean a tha deatamach a chum ceum sa Ghàidhlig. Uime seo, tha e cudromach gun seall sibh ris an fharsaingeachd chuspairean eile as urrainnear a ghabhail mas tig sibh chun Oilthigh an toiseach (seallaibh ri Clàr nan Cùrsaichean). Aig Obar Dheathain, gabhaidh ceum Gàidhlig cuideachd ga dhèanamh ann an co-bhuinn le cuspairean eile, le cothrom ann dà phrìomh chuspair a thaghadh bhon chiad bhliadhna. Cuidichidh am fiosrachadh a leanas sibh ann a bhith a' taghadh dè na cuspairean a eile a nì sibh suas gu ìre ceuma le urram.

Ceumannan Gàidhlig Dùbailte le Urram

  • MA ann an Eòlas Gàidhlig – prògram ceuma ann an co-bhuinn: le Antrap-Eòlas, Eòlas Ceilteach & Angla-Shasannach, Diadhachd, Eaconamas, Beurla, Cultar Lèirsinneach agus Film, Fraingis, Cruinn-Eòlas, Gearmailtis, Eòlas nan Dùthchannan Spàinnteach, Eachdraidh, Eachdraidh Ealain, Cànan agus Cànanachas, Litreachas an Co-theagasg an t-Saoghail, Eòlas Manaidsidh, Poilitigs, Eòlas Diadhaidh, Eòlas Lochlannach, Sòisio-Eòlas no Eòlas Albannach.
  • MA Co-bhannta le Urram ann an Eòlas-Inntinn no Matamataig (le Gàidhlig mar mhion-chuspair).
  • LLB (Lagha) le Gàidhlig

Airson barrachd fiosrachaidh air na cùrsaichean riatanach, seallaibh ri Sònrachaidhean Prògraim Eòlas Gàidhlig

Air ais chun nan ceistean

An urrainn dhomh Gàidhlig a ghabhail mar phàirt de cheum an Ceilteis?

Bhon t-Sultain 2013, tha ceumannan le urram ann an Eòlas Ceilteach agus ann an Sìobhaltas Cheilteach a' dol à bith le ceum MA ùr nas fharsaing ann an Eòlas Ceilteach agus Angla-Shasannach. Bidh cothrom aig oileanaich Gàidhlig a dhèanamh mar phàirt de cheum singilte le urram ann an Eòlas Ceilteach agus Angla-Shasannach, no faodaidh iad ceum dùbailte a dhèanamh ann an Gàidhlig agus Eòlas Ceilteach is Angla-Shasannach.

Air ais chun nan ceistean

Ionnsachadh Leasaichte

Tha na roghainnean a gheibhear tron phrògram ionnsachadh leasaichte a' toirt dhuibh an cothrom Gàidhlig a dhèanamh ri taobh prìomh chuspair ur ceuma. Tha cothrom aig oileanaich Oilthigh Obar Dheathain (ach a-mhàin an fheadhainn a tha a' dèanamh Eòlas-Leighis no Fiaclaireachd) cuspairean a thaghadh às ionnsachadh leasaichte. Gheibhear bharrachd fiosrachaidh an seo air mar as urrainn dhuibh Gàidhlig a dhèanamh.

Ionnsachadh Maireannach sa Ghàidhlig

Ann an 2013, bidh cothrom Gàidhlig a thaghadh mar aon de na ceithir cuspairean deug a bhios ri ghabhail tron phrògram ionnsachadh maireannach dha oileanaich a' tòiseachadh aig Ìre 1. Gus Gàidhlig a bhith air ainmeachadh air tar-sgrìobhadh ur ceuma, cha leig sibh leas ach aon chùrsa cànain a dhèanamh gach teirm sa chiad dà bhliadhna. Tha oileanaich a' tòiseachadh aig an ìre as fhreagarraiche a rèir nan sgilean Gàidhlig aca. An dèidh dhaibh tòiseachadh aig Ìre 1, agus ma chuireas iad crìoch oirre, faodaidh iad a dhol air adhart gu Gàidhlig Ìre 2. Le dà bhliadhna de Ghàidhlig agaibh, bu chòir dha seo barrachd chothroman obrach a chruthachadh dhuibh ann an Alba, agus gu h-àraidh air a' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan.

Gàidhlig tro Farsaingeachd Foghlaim

Faodaidh oileanaich cùrsaichean ann an Eòlas Gàidhlig a dhèanamh sa chiad dà bhliadhna de cheum mar phàirt den phrògram Farsaingeachd Foghlaim.  'S urrainn dha oileanaich Gàidhlig a thòiseachadh aig ìre a fhreagras air na sgilean Gàidhlig aca, agus ma shoirbhicheas leotha aig Ìre 1, faodaidh iad a dhol air adhart gu Ìre 2 sa Ghàidhlig.

Cothroman obrach

Tha sgilean Gàidhlig a' toirt dhuibh bharrachd chothroman ann an saoghal na h-obrach. Chan eil an crìonadh san eaconamaidh air mòran crìonadh a dhèanamh air na cothroman ann an saoghal obrach na Gàidhlig, le fàs a' tighinn air fhathast. Tha iarrtas mòr air ceumnaichean Gàidhlig Oilthigh Obar Dheathain, agus leis an fharsaingeachd chuspairean a tha sinn a' teagasg – cho math ris na dòighean ionnsachaidh againn; stèidhte air cleachdadh agus eòlas – tha na ceumnaichean againn le cothroman dha-rìribh a thaobh chothroman obrach. Tha sinn le ceanglaichean làidir le fastaichean, buidhnean an Riaghaltais agus le buidhnean a tha air ceumnaichean an Oilthigh fhastadh roimhe, agus tha na ceanglaichean sin air an cleachdadh fad na h-ùine gus leasachadh a thoirt air na cùrsaichean againn. Tha ceumnaichean sna trì cuspairean tric a' dol air adhart gu cosnaidhean inntinneach, tarraingeach; agus iad gu math sùbailte nan sgilean an taca ri ceumnaichean chuspairean eile.

Air ceumnachadh bho chionn ghoirid

Oileanaich 2013 air latha ceumnachaidhTha oileanaich Ghàidhlig a tha air ceumnachadh bho chionn goirid air a dhol air adhart chun na leanas:

  • ag obair a chum PhDan, an Obar Dheathain agus thall thairis
  • ag obair ann an ealan, dealbhadh agus riochdachadh didsiotach
  • ag obair sna meadhanan Gàidhlig
  • a' teagasg tro mheadhan na Gàidhlig
  • ag obair aig Iomairt Loch Abar
  • a' foillseachadh nobhail
  • ag obair ann an tasglannan Gàidhlig
  • a' trèanadh gu a bhith na t(h)idsear.

Am measg nan oileanach iar-cheum a tha air a bhith againn bho chionn ghoirid, tha:

  • An Dr Lindsay Milligan Dombrowski, a tha a-nise na h-òraidiche aig Oilthigh Taobh Siar na h-Alba
  • Ashley Powell, a tha a-nise ag obair mar Oifigear Leasachaidh agus Poileasaidh na Gàidhlig aig Oilthigh Obar Dheathain
  • An Dr Pía Coira, a sgrìobh By Poetic Authority: The Rhetoric of Panegyric in Gaelic Poetry of Scotland to C.1700
Sgoil Shamhraidh

Oileanaich air an traigh ann an LeodhasTha Roinn na Gàidhlig (no Roinn na Ceiltis mar a chleachd) air Sgoil Shamhraidh Nàiseanta Gàidhlig a chruthachadh agus a leasachadh; a' toirt cothrom dha oileanaich a dhol gu cùrsa sònraichte còmhnaidheach a chum piseach a thoirt air an cuid Gàidhlig. Faodaidh, a-nise, oileanaich oilthighean eile a thighinn chun na Sgoil Samhraidh, a' toirt cothrom dha oileanaich càirdean agus ceanglaichean ùra a dhèanamh.

Ann an 2014, chaidh an Sgoil Shamhraidh Ghàidhlig a chumail thar trì seachdainean aig Sabhal Mòr Ostaig (SMO) san Eilean Sgitheanach.