| Text only | |||||
![]() |
![]() |
||||
|
|||||
| Back to Homepage | Graduate |
Tha Oilthigh Obar Dheathain a’ tairgse nan cùrsaichean a leanas airson teagasg:
Thoir sùil air na làraich-lìn a leanas:
www.abdn.ac.uk/education
www.abdn.ac.uk/sras
www.gtcs.org.uk
Christina Walker |
Anne Thirkell |
Margaret MacIver |
![]() |
![]() |
![]() |
Airson teagasg tro mheadhan na Gàidhlig anns a’ bhun-sgoil no san àrd-sgoil, feumaidh tu dearbhadh aig agallamh gu bheil thu fileanta ann an labhairt agus ann an sgrìobhadh sa Ghàidhlig.
For entry to primary ITE programmes, to teach in Gaelic Medium, you must provide evidence at interview that you are proficient in both oral and written Gaelic.
Tha Roinn an Fhoghlaim aig Oilthigh Obar Dheathain a’ tairgse nan cùrsaichean a leanas airson teagasg Gàidhlig:
Tha cothrom anns a’ chiad dà bhliadhna den Bh.Ed. do sgilean cànain a leudachadh tro bhith a’ dèanamh cùrsa Gàidhlig gach bliadhna ann an Roinn Ceilteis an Oilthigh. Anns an treas agus a’ chreathramh bliadhna gheibh thu cothrom do sgilean proifeiseanta a leudachadh tro ionnsachadh mu bhogadh, mu dhà-chànanas agus mu lìbhrigeadh a’ churraicealaim tro mheadhan na Gàidhlig anns an oilthigh agus tro ghreisean sgoile ann an sgoiltean Gàidhlig.
Cùrsa teagasg bun-sgoile do dh’oileanaich a tha fileanta agus aig a bheil ceum ann an cuspair sam bith.
Bliadhna làn-ùine anns an Oilthigh NO
2 bliadhna pàirt-ùine aig astar, aig do dhachaigh fhèin
Mur a h-eil thu deiseil airson/ag iarraidh teagasg tro mheadhan na Gàidhlig, tha cothroman againn dhut anns a’ Bh.Ed. agus anns a’ PhGDE ionnsachadh mu theagasg luchd-ionnsachaidh anns a’ bhun-sgoil.
Cùrsa teagasg àrd-sgoile do dh’oileanaich aig a bheil ceum le 80 puing creideis ann an Gàidhlig
Bliadhna làn-ùine san oilthigh NO
2 bhliadhna pàirt-ùine aig astar ann an cuid de Chomhairlean
’S e ceum ùr a tha seo a tha Oilthigh Obar Dheathain a’ tabhann, ann an co-bhonn ri OGE, tro Sabhal Mòr Ostaig agus Colaiste a’ Chaisteil. Bheir an ceum seo cothrom dhut fuireach anns a’ cholaiste agad fhèin fad na h-ùine a bhios tu ris. A rèir ’s mar a mhiannaicheas tu, nì thu ceum no ceum le urram ann an Gàidhlig le Foghlam agus leanaidh tu cùrsa àrd-sgoile no bun-sgoile a rèir na h-ìre aig a bheil thu ag iarraidh teagasg.
Gabhaidh an ceum seo ann an Gàidhlig le teisteanas teagaisg na lùib a choilionadh ann an ceithir bliadhna. Bidh thu a’ leantainn a’ chiad dà bhliadhna den cheum anns a’ cholaiste agad fhèin, còmhla ris a h-uile oileanach eile a tha a’ dèanamh ceum ann an Gàidhlig. Feumar tagradh airson a’ cheum a chur a-steach chun na colaiste m.e Sabhal Mòr Ostaig.
Aig deireadh na dara bliadhna, ma tha thu air ùidh a shealltainn ann an teagasg agus air iarrtas a chur a-steach agus gu bheil teisteanas riatanach agad ann am Beurla agus Matamaig (faic PGDE gu h-àrd), bidh agallamh agad a dhearbhadh a bheil thu freagarrach airson a bhith nad thidsear. Ma shoirbhicheas leat san agallamh, bidh an dàrna leth den treas agus den cheathramh bliadhna ann an Gàidhlig agus an leth eile ann am Foghlam. Bidh sin a’ gabhail a-steach 18 seachdainnean de eòlas sgoile, dìreach mar a bhios na h-oileanaich a tha a’ leantainn PGDE san oilthigh ann an Obar Dheathain a’ dèanamh.
A bharrachd air na greisean sgoile, bidh thu fhathast nad cholaiste fhèin, oir tha a’ chuid mhòr den obair a thaobh Foghlaim air loidhne, le làithean Inntrigidh ann an Obar Dheathain aig toiseach na treas bliadhna. Bidh Disathairne an-dràsta ’s a-rithist agad ag obair còmhla ri oileanaich eile air taobh a-staigh na Comhairle agad fhèin, ann am baile a tha goireasach don mhòrchuid de na h-oileanaich a tha air a’ chùrsa aig astar.
Prògram airson sgilean ann an teagasg tro mheadhan na Gàidhlig a leasachadh
B’ann tro cho-obrachadh le Sabhal Mòr Ostaig agus Oilthigh Obar Dheathain a chaidh an cùrsa a leasachadh, agus tha e air a làn mhaoineachadh le Riaghaltas na h-Alba.
Tha Streap freagarrach do thidsearan gach cuid àrd-sgoile agus bun-sgoile a tha fileanta sa Ghàidhlig agus a tha ag iarraidh cothrom a ghabhail na sgilean cànain aca a thoirt air adhart airson teagasg tro mheadhan na Gàidhlig.
Tha e ag amas air dà bhuidheann luchd-teagaisg:
Tha dà chùrsa ann an Streap:
Tha Cùrsa 1 a’ ruith fad bliadhna agus tha ùine a bharrachd air a thabhann do thidsear sam bith a tha airson Cùrsa 2 ann an Leasachadh Proifeiseanta a dhèanamh. A bharrachd air trì seiseanan aghaidh ri aghaidh, tha Streap air a lìbhrigeadh air-loidhne, le taic bho thaoitear cànain agus bho mhentor anns gach cuspair. Thèid cosgaisean siubhail agus cosgaisean “supply” a phàigheadh don h-uile tidsear air a’ chùrsa.
Bithear a’ trusadh thidsearan gu Streap gach bliadhna, agus bidh inntrigeadh a’ gabhail àite anns an t-Sultain/ an Dàmhair. Tha Streap air a bhith glè shoirbheachail anns na ceithir bhliadhna anns an deach a lìbhrigeadh, agus tha am prògram a-nis a’ tabhann cothrom Teisteanas Luchd-teagaisg For-cheumnaiche (PGT Cert) tro Oilthigh Obar Dheathain. Faodar na puingean creideis bho Streap a chleachdadh airson tagradh APEL a dh’ionnsaigh barrantas Thidsear Cùmhnanaichte (Chartered Teachers).
Gheibhear an tuilleadh fiosrachaidh bhon làrach-lìn far a bheil am prògram air a shanasachadh www.streap.smo.uhi.ac.uk no cuiribh fios gu Alison Dix air 07740069271 (post-d sm00ad@uhi.ac.uk ) no gu Christina Walker air 01224 274649 (post-d christina.walker@abdn.ac.uk)
agus: http://www.streap.smo.ac.uk
Prògram airson sgilean ann an teagasg Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig a leasachadh
Tha prògram Leasachadh Proifeiseanta Leantainneil againn do Chomairlean far a bheil iarrtas airson Gàidhlig a theagasg do sgoilearn anns a’ bhun-sgoil. Feumaidh tagradh a thighinn chun an oilthigh bho Chomhairle aig a bheil ùidh anns a leithid de leasachadh phroifeiseanta a thabhann. Airson ionnsachadh Gàidhlig bho thùs, tha cùrsa fichead latha ann.
Do chomhairlean a tha airson an tuilleadh leasachaidh a thabhann do na tidsearan a rinn fichead latha de thrèanadh GLPS, tha cùrsa ùr againn a tha a’ togail air na sgilean sin airson tuilleadh comais agus misneachd ann an teagasg Gàidhlig do luchd-ionnsachaidh a thoirt dhaibh. Tha an cùrsa seo air ath-leasachadh ann an solas molaidhean a thàinig bho Comhairle Earra Ghàidheal is Bhòid far an deach a lìbhrigeadh aig an ìre phìolataich.
The first two years of the B.Ed. Hons. Programme provide an opportunity for enhancement of Gaelic skills through the study of Gaelic as an Elective subject each year in the University’s Celtic Department. In the third and fourth years, you will have the opportunity to develop your professional skills in University through studying immersion, issues surrounding bilingualism and the delivery of the curriculum through the medium of Gaelic and through periods of school experience in Gaelic medium schools.
If you do not feel ready/do not wish to teach in Gaelic medium, we provide opportunities for teaching Gaelic Learners in the Primary School (GLPS) in both B.Ed. Hons. and PGDE(P) programmes.
1 year full-time programme at Aberdeen University OR
2 years part-time programme distance learning in certain local authorities
This is a new degree, offered by Aberdeen University in partnership with UHI colleges, Sabhal Mòr Ostaig and Lews Castle College. This degree enables you to study at your own college. You may train as a primary or secondary teacher through an M.A. or M.A. with Honours degree.
Academic study and professional qualification are completed in four years. You will study for the first two years along with students following a Gaelic degree in the UHI colleges. Application for this degree must be made to your own college e.g . Sabhal Mòr Ostaig.
Apart from school experience, most of the study for Education will be online, with Induction days in Aberdeen at the beginning of Year 3 and occasional Saturdays working with fellow students in your local authority, at a venue which is convenient to the majority of Distance Learning students.
A CPD Programme to develop skills in Gaelic medium delivery
This programme, fully funded by the Scottish Government, was developed in partnership between Sabhal Mòr Ostaig and Aberdeen University.
Streap is relevant to both secondary subject specialists and primary teachers who have an advanced level of Gaelic fluency/literacy and who wish to take the opportunity to enhance those skills to be sufficient to teach in Gaelic medium.
Target groups include:
Streap consists of two courses:
Course 1 runs throughout the school session. Extra time is granted to teachers who wish to undertake Course 2 in Professional Development. Apart from three face to face sessions, Streap is delivered online, with support from a language tutor and from mentors in each subject. Costs of supply cover will be paid for each teacher on the programme.
Recruitment for Streap takes place annually, with Induction in September/October. Since its delivery commenced, Streap has been very successful, and the programme now provides the opportunity for PGT Certificate with Aberdeen University. Credit points gained in Streap can be used for an APEL claim within the Chartered Teachers Programme.
More information is available on the promotion website www.streap.smo.ac.uk
Alternatively please contact Alison Dix on 0774006927 (sm00ad@groupwise.uhi.ac.uk) or Christina Walker on 01224 274649 (christina.walker@abdn.ac.uk)
A CPD programme to develop skills to teach learners of the language
This CPD programme is available to Local Authorities who indicate that there is a demand and a cohort of teachers who wish to learn Gaelic in order to teach it to learners in the primary school. Interested Local Authorities must apply to the University so that partnership arrangements can be put in place for delivery of the CPD programme.
For local authorities who wish to offer further professional development in GLPS to those teachers who have already completed the twenty day training programme, we offer an extended programme to enable those teachers to further develop their competence and increase their confidence in the teaching of Gaelic learners. This programme has been revised in the light of suggestions received from Argyll and Bute Council where it was piloted.

School of Education · University of Aberdeen · MacRobert Building ·
King's College · Aberdeen · AB24 5UA · UK
Telephone: (+44) 1224 274776 · Fax: (+44)1224 274900 · E-mail:
education@abdn.ac.uk
Page last modified: Tuesday, 24-Jul-2012 11:00:53 BST
University
Home · Prospective students
· Prospectuses · A
to Z Index · Search
Email & Telephone Directories · Contacts/Help
· Maps · Privacy
Policy & Disclaimer · Accessibility
Policy