Text only
University of Aberdeen Takes you to the main page for this section

PGCE(P) Hub

 


Main Menu

Philosophy and Rationale

Admission

Courses within PGCE(P)

School Experience Placements


Foghlam tro Mheadhan na Gài


Official Prospectus

 

PGCE(Bun-sgoil) Pàirt-ùine

Tha Roinn an Fhoghlaim aig Oilthigh Obar Dheathain an sàs an ceartuair ann an leasachadh a’ Phrògram airson Teisteanas For-Cheum ann am Foghlam (Bun-sgoil) gus a liùbhairt pàirt-ùine, aig astar.  Tha Roinn an Fhoghlaim an dùil a’ chiad phrògram a thòiseachadh anns an t- Sultain 2003, an crochadh air aonta bho Chomhairle Teagaisg Choitcheann na h-Albann.  Thèid am prògram a liùbhairt bhon t-Sultain, 2003 gus an Ogmhìos, 2005 ann an com-pàirteachas le Comhairle na Gàidhealtachd. Gheibh fichead oileanach cothrom am Prògram a leantainn.

Cruth a’ Phrògram Pàirt-ùine PGCE(Bun-sgoil)

Tha am prògram pàirt-ùine PGCE(Bun-sgoil) stèidhichte air a’ Phrògram làn-ùine PGCE (Bun-sgoil) a tha air a liùbhairt air làrach an oilthigh, leis na h-aon inbhean inntrigidh agus na h-aon chuimsean coileanaidh tron phrògram air fad.  Cuiridh an cùrsa pàirt-ùine ris a’ chùrsa làn-ùine le bhith a’ tairgse diofar dhòighean ionnsachaidh tro ionnsachadh air-loidhne aig astar, maille ri seiseanan còmhla ris an luchd-teagaisg, gach cuid air agus air falbh bho làrach an oilthigh.Bidh am Prògram a’ tòiseachadh anns an t-Sultain, 2003 agus a’ criochnachadh anns an Ogmhios, 2005.  Bithear fhathast a’ tairgse a’ phrògraim làn-ùine PGCE (Bun-sgoil) a tha a’ toirt bliadhna ga choileanadh.

Theid a’ mhòrchuid den ionnsachadh a dhèanamh aig astar, ach feumaidh na h-oileanaich pàirt-ùine fhathast siubhal a dh’ Obar Dheathain aig toiseach tòiseachaidh airson trì seachdainnean Trèanadh Inntrigidh (le greis Amharc air Teagasg ann an sgoil ann an Roinn na Gaidhealtachd).  Thèid seachdain eile Treànadh Inntrigidh airson dàrna bliadhna a’ phrògraim a chur seachad air làrach an oilthigh ann an Obar Dheathain.  Tron Phrògram dà bhliadhna, bidh ceithir làithean fa leth air am feum oileanaich a thighinn còmhla ris na h-oileanaich làn-ùine air làrach an oilthigh mar phàirt den phrògram. Tron phrògram feumaidh oileanaich a thighinn còmhla airson “Lìonradh” aon latha deug air làraich taobh a-staigh Roinn na Gaidhealtachd. Bidh e dualtach gur ann Disathairne a bhios iad sin a’ gabhail àite.

Mairidh an Trèanadh Inntrigidh aig toiseach tòiseachaidh a’ Phrògraim trì seachdainnean (a’ tòiseachadh air a’ chiad latha den t-Sultain) agus feumaidh na h-oileanaich a bhith an làthair air làrach an oilthigh ann an Obar Dheathain Diluain, Dimàirt agus Diciadain gach seachdain agus an sin Diardaoin agus Dihaoine gach seachdain a chur seachad anns a’ chiad sgoil anns am bi iad a’ dol a dhèanamh eòlas sgoile ann an Comhairle na Gaidhealtachd. Tha a’ chiad trì seachdainnean air an roinn anns an dòigh sin.

Cinn-latha a dh’ fheumas oileanaich a bhith air làrach an oilthigh:

 

A’ Chiad Bhliadhna:

Inntrigeadh: Diluain, Dimàirt, Diciadain anns na seachdainnean a’ tòiseachadh
1/9/03, 8/9/03, 15/9/03

Air làrach an oilthigh:
Diluain, an 16 Gearran, 04
Dimàirt, an 17 Gearran, 04
Aon latha san t-seachdain a’ tòiseachadh 7/6/04

An Dàrna Bliadhna:

Inntrigeadh: Diluain, Dimàirt, Diciadain san t-seachdain a’ tòiseachadh 30/8/04

Air larach an oilthigh:
Diluain, 14/2/05
Diluain, 18/4/05

Greisean Sgoile an Eòlas Sgoile

Bidh na greisean eòlas sgoile ann an sgoiltean thaghte air taobh a-staigh Comhairle na Gaidhealtachd. Bu chòir do dh’oileanaich a bhith a’ dùileachadh gum faigh iad cothrom eòlas sgoile fhaighinn ann an caochladh sgoiltean air feadh Roinn na Gaidhealtachd, gach cuid ann an sgoiltean air an dùthaich agus anns a’ bhaile.  Bu chòir do thagraichean a bhith mothachail nach eil cinnt gum faigh iad greis sgoile ann an sgoil na sgìre aca fhèin; tha e dualtach gum bi aca ri siubhal a dhèanamh.  A bharrachd air na làithean a bhios na h-oileanaich ag Amharc air Teagasg, bidh ceithir greisean sgoile làn-ùine, gach aon a’ seasamh eadar ceithir agus sia seachdainnean, anns an dà bhliadhna a mhaireas am prògram pàirt-ùine.  Uile gu lèir tha ochd seachdainnean deug de eòlas sgoile anns a’ phrògram pàirt-ùine, dìreach mar a tha anns a’ phrògram làn-ùine.

Thathar a’ dùileachadh gum bi sibh saor airson sgoiltean a fhrithealadh gus eòlas sgoile fhaighinn. Ann an 2003-2005, bidh na greisean sgoile uile ann an Roinn na Gaidhealtachd agus a-rèir a’ phlana, bidh iad aig na h-amannan a leanas:

Amharc air Teagasg:  Diardaoin agus Dihaoine anns na seachdainnean a’ tòiseachadh 1/9/03, 8/9/03, 15/09/03

Na h-Irean Meadhanach:(anns an sgoil san deach Amharc a dhèanamh)

·       Latha a’ tadhal air an sgoil, san t-seachdain a’ tòiseachadh 8 Dùbhlachd ’03

·       4 seachdainnean a’ tòiseachadh air 5 Faoilleach ’04

Na h-Irean Arda: (sgoil eile)

·       Eòlas Sgoile ann an Ard-sgoil: 2 latha anns an t-seachdain a’ tòiseachadh 26 Giblean ’04

·       Latha a’ tadhal air an sgoil, san t-seachdain a’ tòiseachadh 3 Ceitean ’04

·       4 seachdainnean a’ tòiseachadh 10 Ceitean ’04

Sgoil Araich:

·       Latha a’ tadhal air an sgoil àraich, san t-seachdain a’ tòiseachadh 18 Dàmhair, ’04

·       3 seachdainnean a’ tòiseachadh 1 Samhain ’04

Na h-Irean Oga

·       Latha a’ tadhal air an sgoil, san t-seachdain a’ tòiseachadh 7 Gearran ’05

·       5 seachdainnean a’ tòiseachadh 21 Gearran ’05

Gàidhlig

Theid tagraichean a tha fileanta gach cuid ann an còmhradh agus ann an sgrìobhadh na Gàidhlig a ghabhail an toiseach.  Thèid oileanaich Ghàidhlig a chur do sgoiltean airson greis sgoile san aon dòigh ’s a tha a’ tachairt anns a’ phrògram làn-ùine PGCE(Bun-sgoil) far am bheil oileanaich Ghàidhlig a’ faighinn dà ghreis sgoile ( naoi seachdainnean uile gu lèir) ann an sgoil far am faigh iad cothrom teagasg tro mheadhan na Gàidhlig.  Feumaidh na h-oileanaich Ghàidhlig an Cùrsa Taghte Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a dhèanamh mar phàirt den cuid ionnsachaidh.

Dreuchd agus Obair Oilthigh

Dh’fheumadh neach don tèid àite a thairgse air a’ phrògram pàirt-ùine cead fhaighinn bho cheannard na h-obrach aige / aice ùine dheth a bhith aige /aice airson gach cuid pàirtean a’ chùrsa a th’ air an liùbhairt air làrach an oilthigh agus na greisean eòlas sgoile a fhrithealadh.

Teisteanasan Riatanach

Tha na teisteanasan inntrigidh airson a’ chùrsa PGCE(Bun-sgoil) pàirt-ùine co-ionnan ris a’ chùrsa PGCE(Bun-sgoil) làn-ùine.  Feumaidh ceum a bhith aig tagraichean, le teisteanas ann am Beurla aig ìre co-ionnan ri Ard Ire (aig a’ char as lugha ìre C) agus teisteanas co-ionnan ris An Ire Choitcheann (Sàr Ire) ann am Matamataic m.e Matamataic aig Eadar Mheadhan 2.  Airson a’ phrògraim phàirt-ùine, feumaidh tagraichean a bhith comasach ann an cleachdadh a’ choimpiutair agus ann an cleachdadh a’ phost-dealain agus Lìon na Cruinne

Feumaidh tagraichean a tha soirbheachail a’ faotainn àite air a’ Phrògram teisteanas-dotair fhaotainn a’ dearbhadh gu bheil iad fallain agus baranatas-seòlaidh bho Disclosure Scotland a bhith aca. Cuiridh Roinn an Fhoghlaim sin air dòigh.

Airson Iarrtas A Chur A-Steach

Cuiribh fios gun Oifis Inntigridh, Oifis an Oilthigh, Oilthigh Obar Dheathain, Obar Dheathain, AB24 3FX. Fòn: 01224 272090/272091; Facs: 01224 272576;

post-dealain: sras@abdn.ac.uk;  làrach lìn: http://www.abdn.ac.uk

Feumaidh iarrtasan a bhith a-staigh ron 13mh den Ogmhìos 2003

Cìsean

Cha tèid cìsean a phàigheadh do dh’oileanaich pàirt-ùine agus chan fhaigh iad iasadan bhon SAAS agus mar sin tha e an urra ri tagraichean an cuid chìsean fhèin a phàigheadh.

Airson 2003-2004, tha cìs £564 ri phàigheadh, agus faodar seo a phàigheadh ann an earrannan. Bidh cìs bhliadhnail eile ( a rèir ìre na h-atmhorachd) ri phàigheadh airson na bliadhna 2004-05.

Faodar ceistean eile mu dheidhinn a’ phrògraim PGCE (Bun-sgoil) Pàirt-ùine a chur gu Yvonne Bain, Leas Stiùiriche a’ Phrògraim PGCE(Bun-sgoil), Oilthigh Obar Dheathain, Roinn an Fhoghlaim, Làrach Hilton, Ionad Hilton, Obar Dheathain, AB24 4FA.  Fòn: 01224 283548;

Facs: 01224 283897; post-dealain: y.c.bain@abdn.ac.uk

Làrach lìn Roinn an Fhoghlaim (PGCE(P)): http://www.abdn.ac.uk/education/pgcep/

Ma tha sibh airson bruidhinn mu dheidhinn a’ chùrsa Gàidhlig gu sònraichte, gheibh sibh tuilleadh fiosrachaidh bho Christina Walker ann an Roinn an Fhoghlaim 

Fòn 01224 283649/283699; Facs: 01224 283651;

Post-dealain : christina.walker@abdn.ac.uk

*Tha a’ bhileag seo airson tuilleadh a chur ri fiosrachadh mun Oilthigh agus a chuid chùrsaichean, a gheibhear ann an Ro-shealladh nam Fo-cheumnaiche a tha air fhoillseachadh gach bliadhna. Ma tha sibh airson Ro-shealladh fhaighinn an asgaidh, cuiribh fios thugainn. Tha sinn toilichte cuideachd gach ceist a thaobh an oilthigh a fhreagairt, no ma tha sibh airson a thighinn a dh’fhaicinn an oilthigh, cuiridh sinn sin air dòigh dhuibh. Gheibh sibh sinn aig an t-seòladh a leanas: SRAS, Oilthigh Obar Dheathain, Obar Dheathain AB24 3FX

Fòn: 01224 272090/272091; Facs: 01224 272576;

Post-dealain: sras@abdn.ac.uk;  Làrach lìn: www://abdn.ac.uk