|
Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig
Ullachadh airson Foghlaim tro Mheadhan na Gàidhlig ann am
prògram PGCE(Bun-sgoil) Oilthigh Obar Dheathain.
Feallsanachd
A chionn s gu
bheil àireamhan nan sgoilear a tha a sireadh foghlaim tro
Ghàidhlig a sìor dol am meud, tha an tuilleadh iarrtais
ann airson luchd-teagaisg a tha comasach air clàr-teagaisg na sgoil
àraich agus na bun-sgoile a theagasg tro Ghàidhlig. Tha
an tuilleadh iarrtais ann airson luchd-teagaisg a tha sgileil sa chànan,
fileanta agus misneachail, gach cuid ann am bruidhinn agus ann an sgrìobhadh
na Gàidhlig, agus mothachail air cho cudromach s a tha cultar
na Gàidhlig.
Taghadh
Tha Oilthigh Obar
Dheathain a dèanamh fìor oidhirp gus taic a chur ri
Foghlam tro Ghàidhlig ann an Tùs-thrèanadh Thidsear.
Tha sgeama sònraichte air a chur air bhonn, le àireamhan
oileanach a thathar ag amas togail, an co-chomhairle ris na h-ùghdarrasan
foghlaim ionadail. Tha ceangalaichean gan neartachadh le Roinn na Ceiltis
gus na h-oileanaich aig am bheil ùidh ann an teagasg tro Ghàidhlig
aithneachadh agus a chomhairleachadh. Feumaidh a h-uile neach a tha a
cur a-steach iarrtais airson teagasg tro Ghàidhlig sa phrògram
PGCE(Bun-sgoil) thighinn gu agallamh. Tha na h-agallamhan ann an gach
cuid Gàidhlig agus Beurla, agus tha pìos sgrìobhaidh
ri dhèanamh sa Ghàidhlig,
Thathar a dùileachadh gun lean iadsan a tha soirbheachail
san agallamh Cùrsa Foghlam tro Ghàidhlig anns a phrògram
PGCE(Bun-sgoil).
Tha dà eileamaid
anns a chùrsa thaghte:
- leasanan a
chùrsa Foghlam tro Ghàidhlig
- greis teagaisg
ann an clasaichean/sgoiltean Gàidhlig
An Cùrsa Taghte: Foghlam tro Ghàidhlig
Susbaint agus Structar
Tha an cùrsa
seo air a stèidheachadh air dà adhbhar bhunaiteach:
- ur fileantachd
ann an còmhradh agus ur sgilean sgrìobhaidh anns a
Ghàidhlig a leasachadh
- ur sgilean ann
a bhith a teagasg a chànain gu h-iomchaidh anns a
bhun-sgoil a leasachadh.
A thuilleadh air a
bhith a toirt sùla air an obair leasachaidh a tha a
dol air adhart an-dràsta ann am Foghlam tro Ghàidhlig, bidh
cothrom agaibh ionnsachadh mu bhith a liùbhairt diofar chuspairean
air a chlàr-theagaisg tro mheadhan na Gàidhlig.
Anns a chùrsa
seo tha 20 uair-a-thìde de theagasg agus 30 uair-a-thìde
de dhobair air ur ceann fhèin. Bheir am modail seo dhuibh
cothrom:
- ionnsachadh mu
eachdraidh agus mu obair leasachaidh an là n-diugh ann
am foghlam Gàidhlig na bun-sgoile le taic ga chur ri bhith a
cleachdadh sgilean mheasaidh agus bhreithneachaidh gus an ceangal eadar
feallsanachd agus teagasg a sgrùdadh;
- ur comas ann an
Gàidhlig a leasachadh gus misneachd agus eòlas cànain
a thoirt dhuibh gus am bi sibh comasach an clàr-teagaisg a liùbhairt
tro mheadhan na Gàidhlig;
- ur sgilean sgrìobhaidh
pearsanta a leasachadh;
- mothachadh a bhith
agaibh air dòighean teagaisg a tha freagarrach airson luchd-ionnsachaidh
òg na Gàidhlig, gu sònraichte feallsanachd agus
sgilean pragtaigeach teagaisg co-cheangailte ri drùdhadh anns
a chànan;
- briathrachas airson
diofar chuspairean air a chlàr-theagaisg ionnsachadh;
- measadh a dhèanamh
air stuthan teagaisg a thathar a cleachdadh ann an roinnean sònraichte
den chlàr-theagaisg ann an clasaichean Gàidhlig agus aig
an aon àm fiosrachadh fhaighinn mu eachdraidh litreachas na h-ìre
seo;
- misneachd fhaotainn
gus ur cuid stuthan fhèin a chruthachadh airson diofar chuspairean
air clàr-teagaisg nan clas Gàidhlig agus na th ann
de stòras Teicneolas Fiosrachaidh agus Conaltraidh a chleachdadh;
- ullachadh fhaighinn
airson a bhith a teagasg nan diofar ìre ann am bun-sgoil
Ghàidhlig.
Dòighean Teagaisg
Bidh fìor chudrom
air ionnsachadh tro dhrùdhadh, a cumail ri eileamaidean a
chuidicheas an sgoilear òg a chuid sgilean èisteachd, còmhraidh,
leughaidh agus sgrìobhaidh a leasachadh. Tro na h-eileamaidean,
bithear a coimhead gu dlùth ri eòlas air structar
a chànain. Tron chùrsa bidh cudrom air puingean cumanta
agus cudromach gràmair ionnsachadh agus a chleachdadh gus am bi
na h-oileanaich misneachail ann an teagasg Gàidhlig do sgoilearan
òga. Tha na dòighean-teagaisg stèidhichte air teagasg
na Gàidhlig gu h-èifeachdach, agus s e prìomh
amas nan eileamaid gun leudaich ur mothachadh agus ur misneachd le taic
bhon neach-teagaisg san oilthigh.
Foghlam fosgailte
Fhad s a bhios
sibh ag obair gu neo-eisimeileach, thathar a dùileachadh
gun dèan sibh mion-sgrùdadh air Stiùireadh Nàiseanta
Gàidhlig 5-14, gun dèan sibh sgrùdadh air stuthan
teagaisg an là n diugh, gun cruthaich sibh ur stuthan pearsanta,
a taisbeanadh gu pragtaigeach ur comas anns a Ghàidhlig
agus ur mothachadh air na h-ìrean aig a bheil a chlann dom
bheil sibh a deasachadh stuthan. Thèid iarraidh oirbh planaichean
leasain a chruthachadh agus a lìonadh a-steach anns a Ghàidhlig,
a rèir molaidhean 5-14, agus pasgain briathrachais a gheibh sibh
a sgrùdadh m.e. Spòrs, Eòlas Arainneachd, Matamataic,
s.m.s.a.a.
Eòlas Sgoile
Tha ceangal aig ionnsachadh
san oilthigh ri eòlas sgoile tro na greisean a bhios na h-oileanaich
a teagasg ann an sgoiltean far am bithear a dùileachadh
gun gabh an t-oileanach, mean air mhean, uallach airson a bhith a
liùbhairt clàr-teagaisg na bun-sgoile tro mheadhan na Gàidhlig.
Bidh dà ghreis teagaisg aig na h-oileanaich ann an clasaichean
Gàidhlig, aon ghreis le Irean Arda na bun-sgoile agus a ghreis
eile leis na h-Irean Oga. Mar is trice, bidh luchd-teagaisg bhon oilthigh
a tighinn a mheasadh an oileanaich, agus bidh co-dhiù aon
den luchd-teagaisg sin aig am bheil Gàidhlig. Far nach gabh seo
dèanamh, thèid am measadh a dhèanamh le aon neach-teagaisg
bhon oilthigh agus neach obrach bhon ùghdarras ionadail. A thuilleadh
air na sgrìobhainnean coitcheann airson eolas sgoile a thathar
a cur gu ceannardan sgoile agus gu tidsearan, thèid comhairle
a tha a bualadh gu sònraichte air greis teagaisg tro mheadhan
na Gàidhlig a thabhann do sgoiltean agus do oileanaich.
Ceangalaichean ri Eòlas Sgoile
Tha ceangal aig a
chùrsa seo ri eòlas sgoile gu sònraichte ris na greisean
a bhios an t-oileanach ag ionnsachadh teagaisg ann an sgoil far am faigh
an t-oileanach cothrom leasanan a liùbhairt tro mheadhan na Gàidhlig.
Bidh e cudromach don
oileanach, tron phrògram PGCE(Bun-sgoil) air fad, a bhith a
cnuasachadh air mar a ghabhadh leasanan a tha air an liùbhairt
tro mheadhan na Beurla a lìbhrigeadh a cheart cho èifeachdach
tro mheadhan na Gàidhlig.
Cuirear luach air
na dhinnseas an t-oileanach mun fhiosrachadh a fhuair e no i rè
nan greisean sgoile mar thobair de chomhairle phragtaigeach don neach-teagaisg
a tha ag ionnsachadh na dreuchd.
|